SEACH mar a b' àbhaist, is ann a' sìor obrachadh còmhla a tha iadsan a tha an sàs ann an croitearachd 's ann an turasachd, 's tha sin ri fhaicinn gu follaiseach an-dràsta san Eilean Sgitheanach. Bhiodh gach nì aig aon àm a' tighinn bho tir-mòr ach a-nis, gach bliadhna, tha taighean-òsta 's taighean bidhe a' cleachdadh barrachd 's barrachd den stuth a tha air a thogail air croitean anns an eilean. Bidh luchd turais ás gach ceàrn a' dèanamh luaidh air cho blast
Thàinig Shirley Spear don Eilean ann an 1985. Tha i air cliù a chosnadh fad is farsaing air son an aoigheachd 's gu h-àraid am biadh a tha ri fhaotainn san taigh bidhe aice, Na Trì Similearan (The Three Chimneys) ann an Cealabost faisg air Loch Dhùn
Bheagain, agus fhuair i mòran duaisean. Tha i ag ràdh, "Tha sinn air ar cuartachadh le croitean ann an Gleann Dail 's ann an Hùsabost, 's tha sinn a' sìor chur gu feum glasraich, measan, lusan, saileadan agus balganan-buachair a tha glan, fallain, gun truailleadh agus a tha air an togail air na croitean.
"Bidh sinn a' ceannach buntàta – am buntàta as fheàrr air an t-saoghal – bho Ena NicDhòmhnaill ás a' Chaolas ann an Uibhist a-Tuath. A-nis tha feòil mhairt, feòil chaorach, feòil mhuice agus sitheann bhon eilean ri fhaotainn, agus se tlachd a tha ann a bhith gan còcaireachd. Ach nach bochd nach robh taigh spadaidh againn air an eilean!
"Faodaidh sinne san Eilean – croitearan, còcairean agus gach neach anns a' choimhearsnachd – a bhith moiteil mar a tha sinn a' sìor dhèanamh feum de thoradh an talamh againn fhèin agus aig an aon àm a' cur dìon air an àrainneachd."