THÈID barrachd air 1,000 bogsa fòn a dhùnadh ann an Alba fo sgeama ùr BT gus airgead a shàbhaladh, a’ chuid as motha dhiubh air an dùthaich.
A rèir BT, cha dèan 83 ás a’ cheud de na bogsaichean fòn air Ghaidhealtachd prothaid sam bith dhaibh agus thathar air son mu 200 dhiubh a thoirt air falbh, naidheachd a tha cur riochdairean taghte aig gach ìre fo iomagain a thaobh suidheachadh nan da
oine ann an àitean iomallach. Thuirt neach-gairm Comhairle na Gaidhealtachd, Sandy Park, “Ged a tha fònaichean làimhe glè chumanta a-nis chan e a h-uile duine a bhios gan cleachdadh agus tha tòrr àitean far nach fhaighear signal co-dhiù.”
Gu ìre tha call nam bogsaichean fòn a’ comharrachadh crìonadh nan coimhearsnachdan dualchasach. Ann an Uilbhinnis anns an Eilean Sgitheanach, thuirt a’ Bhean Phòsta NicFhionghain, aig a bheil bogsa fòn air beulaibh an taighe, rium: “Bha fòn an-seo bho chionn còrr agus lethcheud bliadhna co-dhiù.
“Bha clag a’ dol am broinn an taighe agus bhiodh mo mhàthair chèile ga fhreagradh agus a’ dol mun cuairt na sgìre leis na messages a bh’ aig daoine.”
Tha Comhairle na Gaidhealtachd fo chùram bogsa fa leth fhàgail far a bheil e ma tha “fìor fheumalachd shòisealta” ann, ach tha e coltach nach eil an siostam seo ag obrachadh cho math ’s a bu chòir.
The full article contains 268 words and appears in The Scotsman newspaper.