Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


An sianal ùr agus an luchd ionnsachaidh

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 10 May 2008
CÒ a dh'ionnsaicheas Gàidhlig, ciamar agus car son?
Chan e mhàin gu bheil a' cheist seo bunaiteach don chànain, ach gum faodadh gach dòchas agus gach earbsa a tha sinn a' cur anns na meadhanan Gàidhlig a bhith eisimileach air a freagairt gu siùbhlach agus gu fìrinneach.

Tha e snaimte gu domhainn sa
n dàimh ùr eadar Urras a' BhBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig gum bu chòir sianal digiteach Gàidhlig "luach poblach" a shealltainn mus tèid e air adhart tro na ceuman a dh'ionnsaigh a bhith 'na shianal a chithear gu h-àbhaisteach air leithid Freeview.

Se cheist a bha aig an Urras bho chionn greis: "Dè a b' urrainn don t-seirbheis a dhèanamh gus luchd bruidhinn ùra a thàladh don chànan?"

Tha seo barrachd na inntinneach, oir ged nach eil am BBC fo smachd Bhòrd na Gàidhlig, tha an t-Urras, mar bhuidheann riaghlaidh, a' toirt a-mach cinn-amais dealbhaidh chànain, a' cleachdadh briathran glè choltach ris na bhios aig a' Bhòrd.

Tha siud a' fàgail cheistean eile 'na dhèidh gun mhìneachadh. An e fìor luchd bruidhinn ùra a tha iad a' ciallachadh, no fìor luchd coimhead phrògraman telebhisean mu dheidhinn ionnsachadh na Gàidhlig?

Tha an leabhar ùr aig Alasdair MacCaluim, Reversing Language Shift: The Social Identity and Role of Scottish Gaelic Learners, làn fiosrachaidh mu leithid gnè, dream sòisealta, dreuchd, beachdan poilitigeach, àite-còmhnaidh 's eile aig an fheadhainn a tha ga h-ionnsachadh an-dràsta. Am measg an iomadh toraidh aig rannsachadh MhicCaluim tha aon cho-dhùnadh a' tighinn gu bàrr a tha a' riochdachadh cnag na cùise don iomairt fhada gus luchd bruidhinn ùra a chruthachadh – a dh'aindeoin gach oidhirp le laoich na Gàidhlig, a dh'aindeoin gach leabhair, teip, CD, clas oidhche, cùrsa colaiste no oilthigh agus gu dearbh gach prògram telebhisean, a dh'aindeoin luach a' ghnìomhachais a rèir tomhais airgid, se glè, glè bheag de luchd ionnsachaidh a tha idir fileanta innte.

Saoil cia mheud duine a dh'ionnsaich Gàidhlig cho math 's gu bheil iad da-rìreabh comasach air a bruidhinn? Dà mhìle? Mìle?

Is dòcha nach eil a' cheist sin cho cudromach don "ghnìomhachas Ghàidhlig" ge-tà, oir tha fios gu bheil reic mhòr air goireasan ionnsachaidh, 's tha e coltach gun dèanadh prògram teilidh do luchd ionnsachaidh glè mhath a thaobh airgid agus àireamhan luchd coimhead.

Chan urrainn duine a ràdh nach eil ìomhaigh cudromach cuideachd. Nach do dhearbh Can Seo sin o chionn 30 bliadhna? Sheall e do luchd nam meadhanan 's an fhoghlaim gun gabhadh a' Ghàidhlig a bhith air a tairgse air telebhisean cho math ri cànan eile, leithid Frangis no Eadailtis. Rinn coltas agus modhan uaisle na tè a phreseant e mòran gus a' Ghàidhlig a riochdachadh mar chànan a bha anabarrach tarraingeach don mhòr-shluagh.

Dh'fheuch an ath phrògram mòr ionnsachaidh, Speaking Our Language, ri shealltainn gur e cànan nàiseanta a tha sa Ghàidhlig seach cànan beag nan eilean. Cha deach cho math leis, oir bha e stèidhichte air sreath Cuimreach agus ged a tha Cuimris 'na pàirt mhòr de bheatha làitheil 's de dh'fhèin-aithne na Cuimrigh, chan ann mar sin a a' Ghàidhlig do dh'Alba.

Bha beagan de dh'fhàileadh a' mhaistir air Speaking Our Language ge-tà, leis cho tric 's a bhiodh e tionndadh air falbh o na bailtean gus seallaidhean fada de chalaidhean rèidh sna h-eileanan, dead space, a shealltainn, le fiosrachadh coltach ris na gheibhear air prògraman shaor-làithean, 's Rhoda NicDhòmhnaill a' bruidhinn mar threòraiche pheinseanairean air turas bus agus iad uile 'nan cadal fo bhuaidh na dibhe 's nam pilichean.

A rèir a' chunntais shluaigh mu dheireadh (2001) tha mu 34,000 duine comasach air Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn gun a bhith ga bruidhinn. Nam b' urrainn do phrògraman TBh beagan mhìltean den fheadhainn sin a thoirt gu fileantachd, bhiodh e 'na bhuannachd mhòr da-rìreabh.





The full article contains 729 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 09 May 2008 10:05 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Calum Crubag,

10/05/2008 15:36:03
Pios math.

BU CHOIR, ge-ta, an sianal ur a bhith ri fhaotainn air 'Freeview'. Tha na th'againn air sianal 8 an ceartair na chuis-naire.
2

,

15/05/2008 15:44:10
Comment Removed By Administrator
Reason:

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.