Boinne ann am beul na gaoithe
THA Poileas a’ Chinn a-Tuath a’ rannsachadh mì-rianachd ionmhais aig Comann na Camanachd. Tha fear fo chasaid ’na lùib.
FUIRICHIDH Bunsgoil Dhrochaid Ruaidh fosgailte a dh’aindeoin eagal gun rachadh a dùnadh air son airgead a shàbhaladh.
NOCHDAIDH fireannach, 72, sa chùirt ann an Inbhir Nis a dh’aithghearr an dèidh bàs Ann Brown, 74, ann an Loch an Inbhir.
CHAOCHAIL a’ Bhean Phòsta Ray Michie (Ban-Bharan a’ Ghallanaich), 74, a bha iomadh bliadhna ’na ball pàrlamaid Lib-Deam do dh’Earra-Ghaidheal.
FAODAR ticeadan-adhair a cheannach air-loidhne sa Ghàidhlig a-nise air www. highlandairways.co.uk.
AIG coinneamh phoblach ann am Port Rìgh, thug ceithir comhairlichean Eilean a’ Cheò an taic don phlana a tha ann air son sgoil Ghàidhlig sa bhaile. Chuireadh buidheann phàrantan air chois gus a’ chùis a thoirt air adhart.
The full article contains 159 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
09 May 2008 9:17 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh