A rèir rannsachadh margaidh a' BhBC, se am buidheann as cudromaiche don teilidh an fheadhainn a tha 'nan 50an.
Is iadsan as cumhachdaile a thaobh chomasan tuigse, sgilean cleachdaidh, beartais, 's gach nì a tha gam fàgail tarraingeach do luchd TBh.
Eadar Carbost san Eilean Sgitheanach agus Loch Mòrlaich ann an Srath Spè, dh'iarr An t-Albannach na beachdan
aig cuid dhiubh air dè an seòrsa de phrògraman a bu mhath leotha fhaicinn air son a' Ghàidhlig ionnsachadh.
Tha Elaine Bruce, 53 (deas), á Srath Spè, 'na h-oileanach. Ged a rinn i beagan Gàidhlig aig Oilthigh na Gaidhealtachd, cha robh ann ach blasad. "Car son a tha agad ri cùrsa oilthigh a dhèanamh no fortan a chosg gus a' Ghàidhlig ionnsachadh? Bu chòir siostam saor ach susbainteach a bhith ann do gach neach ann an Alba gus na cànanan dualchasach againn a thogail gu ìre reusanta fileanta, can prògraman TBh agus DVDs a tha da-rìreabh eadar-ghnìomhail."
Thuirt George Keenan, 51, neach-obrach CAB, Carbost, cha mhòr an aon rud. "Cha chanainn gu bheil mi seachad air colaistean a-nis, ach b' fheàrr leam rudeigin a chleachdainn air compiutar cho math ri telebhisean."
Bidh Evan Robertson, saothraiche, 50, á Inbhir Nis, a' coimhead an teilidh a h-uile h-oidhche. "Bidh mi sgìth feasgairean agus ged nach rachainn do chlas-oidhche air airgead no nì, bhiodh e math prògram ionnsachaidh mu dheidhinn na Gàidhlig fhaicinn can air son lethuair a thìde gach oidhche. Chan fhada bho nach robh i ga bruidhinn timcheall an-seo 's bhiodh e math na teipichean de na seann daoine a chluinntinn."
Tha Èirdsidh MacAlasdair, 54, á Port Rìgh, 'na iasgair. Bhiodh esan glè dheònach prògram math ionnsachaidh a leantainn. "Sann á Earra-Ghaidheal a bha m' athair, 's ged a bhruidhneadh e rinn i cha bhruidhneadh sinne ach Beurla ris. Chaill sinn mar sin i, 's tha mi gabhail aithreachais mu dheidhinn a-nis."
Agus thuirt Robin Macbeth, 54 (clì), a tha 'na chlachaire: "Bidh mi coimhead na prògraman Gàidhlig co-dhiù, leithid Eòrpa. Bu mhath leam prògram ionnsachaidh fhaicinn cho fad 's nach robh na fo-thiotalan ro bheag."
The full article contains 397 words and appears in The Scotsman newspaper.