Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Friday, 16th May 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Deuchainnean sgoil' ann an croitearachd



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 03 May 2008
CHAIDH cùrsa air son sgilean croitearachd fheuchainn bho chionn dà bhliadhna ann an àrdsgoiltean Inbhir Pheotharain, Ulapuil, a' Ghearastain agus Àird nam Murchan.
Chaidh gu math leis agus tha fèill mhòr air a-nis air feadh na Gaidhealtachd. San Ògmhios an-uiridh chruinnich 125 sgoilear agus suas ri ceud de luchd teagaisg, de chroitearan 's de chomhairlichean ann an Inbhir Pheotharain gus fiosrachadh fhaighinn
air a' chùrsa. Dh'aontaich an SQA an deuchainn a chur ri Teisteanas Nàiseanta na h-Àrd Ìre. Bidh na cuspairean anns gach sgoil a reir àrainneachd na sgìre agus an t-seòrsa chroitean a tha timcheall orra.

Am-bliadhna tha 14 sgoiltean a' dol a dhèanamh oidhirp air. A bharrachd air togail sprèidh 's na tinneasan ùra a tha air nochdadh, bidh iad a' sgrùdadh iasgach, sealg, mar as còir diofar sheòrsaichean bàrr a chur 's a thogail, riaghailtean mu bheathaichean a làimhseachadh 's a ghluasad, mar a thèid balla cloiche sàbhailte a chur suas, na dòighean as fheàrr air cur ás do luibhean, 's an t-àite as freagarraiche air son craobhan a chur los gun toir iad seachad fasgadh.

Feumaidh na h-oileanaich leth latha gach seachdain a chur seachad ag obair air croit. Bu chòir gum biodh sin gu math feumail, can, as t-earrach aig àm breith nan uan, no as t-fhoghar aig àm togail bàrr.

Bidh cùrsaichean do dh'inbhich aig a bheil ùidh ann an croitearachd a' gabhail àite am-bliadhna anns na Lochan, sna Hearadh, san Àth Leathann, ann an Sròn an t-Sìthein, ann an Ceiseag faisg air Inbhir Nis agus ann an àiteachan eile. Gheibhear fios mu'n deidhinn bho Chalina NicDhòmhnaill air 01478 640276.





The full article contains 306 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 03 May 2008 12:23 AM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.