CHA bhiodh sinn an dùil ri mòran as ùr air TBh as t-samhradh.
Mar sin tha e math faicinn gu bheil boinnean den stuth as fheàrr fhathast gan dèanamh air a' Ghaidhealtachd. Ann an Lean gu Dlùth thug Ùisdean Maclllinnein dhuinn tuairisgeul air a bheatha sa chamanachd. Ged nach biodh ùidh sam bith agad ann an ioma
in roimhe bhiodh tu air son a cluich an dèidh am prògram sgoinneil seo fhaicinn.
B' fhiach a choimhead airson nan còmhraidhean leis na seann chluicheadairean agus màthair Ùisdein ag innse mar a thòisich esan tràth air cluich. Bhiodh e math barrachd phrògraman den t-seòrsa seo fhaicinn. Bhiodh aithisg air camanachd nam ban iomchaidh, agus rud beag seachad air a' mhithich cuideachd.
A' coimhead Lean gu Dlùth tha co-dhiù fios agad co dhà a tha am prògram agus cò a tha iad a' feuchainn ri thàladh 's a shàsachadh. Chan urrainn dhut a bhith cho cinnteach á prògraman eile far a bheil e ro shoilleir gu bheil BBC Alba a' leantainn òrdaighean Lunnainn gun a bhith a' dìochuimhneachadh gum bu chòir prògraman Gàidhlig a bhith tarraingeach do luchd na Beurla.
Sin car son a tha an uiread de phrògraman Beurla air teilidh 's air BBC Alba 's air Radio nan Gaidheal. Mura b'e na naidheachdan, prògram Choinnich, Mòrag Dhòmhnallach 's leithid Facal Oirbh, anns a bheil deagh dheasbad air briathrachas ceangailte ri diofar roinnean beatha, cha b' fhiach Gàidhlig a bhith agad, oir chan fhaigh thu sa chòrr ach cultar na Beurla le beagan cabadaich ann an Gàidhlig.
Gu fortanach ge-tà ma tha cuid de telebhisean 's de reidio a' suarachadh na Gàidhlig, tha deagh phrògram a' dol an-dràsta nach eil ach a' dèanamh fealla-dhà aiste, no co-dhiù a tha 'na aoir air saoghal nan Gaidheal profeiseanta a tha ga riochdachadh. Bha mi greis a' coimhead Broadford neo Bust air BBC Alba mus do mhothaich mi gur dòcha gur e prògram chloinne a tha ann, oir bha mi beò-ghlaicte, mar as àbhaist, le MMmmm … Màiri Mhoireasdan. 'S cò nach bitheadh? Tha tàlant sònraichte aice mar chleasaiche, cluinnidh tu ceòl anns gach facal aice agus chì thu ceòl cuideachd anns gach gluasad a tha i a' dèanamh.
Ach ged as e ise a bha gam thàladh an toiseach, se an deagh spòrs agus an fhealla-dhà caran neo-chiontach a chum mi a' coimhead. Luchd obrach ionad leasachaidh Gàidhlig air am bàrd ainmeil ud "An Doirb" a lorg nach fhaca duine bho chionn trichead bliadhna. Saoil an tèid ac' air a thoirt air ais a dh'Alba? Is fhiach a choimhead gus am faic sibh cò tha cluich bean a' bhàird agus cò tha anns an neach ionnsachaidh. Mas e prògram chloinne a tha seo tha tòrr ann do dh'inbhich cuideachd. Agus an rud as cudromaiche buileach, tha e toirt gàire ort 's a' cur smuaintean sona 'nad cheann a mhaireas fad an latha.
Cha b' urrainn dhut an aon rud a ràdh mun sgudal a tha sruthadh á factaraidh mòr na Beurla. Sreathan gun sgur de mhort, de phoileas, de gheamaichean gòrach, de dhaoine a' ceannach taighean 's de dh'fharpaisean. Cluinnidh tu na faclan "Breatannach" agus "an nàisean" agus bratach a' Bhùidseir ga sàthadh 'nad aghaidh cha mhòr gach còig mionaidean. Bidh fiù 's Andy Murray air a riochdachadh fo sgàil, ged a rinn e soilleir roimhe seo gur e Albannach a tha ann, agus nach e "Breatannach". Bhon aon inneal mhòr ghrànda a thug dhuinn sgrios Bhaghdad beò air sgrion gheibh sinn comadaidh nach eil ach braoisgeach searbh, agus filmichean gun chrìoch anns a bheil na h-Ameireaganaich an còmhnaidh ceart agus Dia leotha. Tha Eòrpa againne a' sealltainn gu bheil saoghal beag na Gàidhlig beò ann an 2009 fhad 's a tha saoghal mòr na Beurla fhathast glaiste ann an 1984.
Bhiodh e math faighinn a-mach dè tha Alba a' pàigheadh ann an cead coimhead agus dè luach a tha sinn a' faighinn air ais. Feumaidh gu bheil deasbad a' dol air na rudan seo ged nach cluinn sinn mòran mu dheidhinn air a' BhBC.
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil daoine deònach pàigheadh air son propaganda, gràin chinnidh agus xenophobia. Is dòcha gur e na litrichean ud bho mhuinntir a' cheada-coimhead as coireach. Tha iad a' cur eagal air daoine bho bhith a' cleachdadh chompiutaran air son telebhisean fhaicinn. Se nach eil iad a' dèanamh soilleir nach eil feum sam bith air cead pàighte air son leithid BBC iPlayer no YouTube a chleachdadh no prògram telebhisean sam bith a choimhead cho fad 's nach eil an aon phrògram ri fhaighinn air telebhisean àbhaisteach aig a' cheart àm. Tha sin a' ciallachadh nach eil feum sam bith agad air cead coimhead air son a' chompiutair ach ma tha thu a' cleachdadh leithid Zattoo air son BBC Alba fhaicinn beò, mar gum biodh.
Tha Zattoo ag obrachadh fada nas fheàrr na BBC iPlayer agus ma tha bann leathann agad seo an dòigh as fheàrr air BBC Alba fhaicinn gun truinnsear saideil, gun chàball.
Gheibh thu S4C bhon Chuimrigh agus cànan nam Basgach bho Extremadura TV, cho math ri seanalan Frangach agus Gearmailteach … agus torr mòr Beurla.
The full article contains 952 words and appears in The Scotsman newspaper.