Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Saturday, 19th July 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Bho thogail nan seòl tro Appalachia gu na seòid, na seann choin dalla agus am piàna



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 15 March 2008
SANN aig fìor dheireadh Celtic Connections a fhuaireadh cothrom èisteachd ri Togaidh Mi mo Sheòlta (Greentrax TRAX311), an CD ùr aig Mairead Stiùbhart, gu slàn, ged a chualar i a' gabhail mòran dhe na h-òrain a th' air nuair a nochd i aig an fhèis.
Tha e a' dearbhadh an liuthad seòrsa òran a bha ri fhaighinn ann am beul-aithris. Am measg nan 17 a tha ri'n cluinntinn tha an Duan Oiseanach Laoidh a' Choin Duibh, nach cluinnear ro thric. Tha òrain bheaga ghoirid ann cuideachd, mar eisimpleir an t-
òran pìobaireachd Cò leis an crodh druimfhionn ud thall? 's am port beag aotrom Chaidh an Dileag ud nam Cheann. Agus tha òrain ann le cuid dhe na seann bhàird a b' ainmeile on 17mh 's on 18mh linn, Fèill nan Crann leis a' Chlàrsair Dhall agus Blàr na h-Eaglaise Brice le Donnchadh Bàn 'nam measg.

Tha iomadh seòrsa faireachdainn air a chur an cèill anns an taghadh òran, rud a tha toirt neart dhan CD seo, a bu chòir a bhith aig a h-uile neach aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig.

Sann aig deireadh na fèise cuideachd a nochd an CD ùr Màiri Anna NicUalraig agus na Seòid o Watercolour Music, agus chualar iad ann an cuirm-chiùil a bha gu math inntinneach.

Tha seachdnar ann dhe na Seòid, fir òga a tha glè eadar-dhealaichte 'nan guthan 's 'nan dòigh seinn. Bha buaidh aige seo corra uair air an t-seinn aca mar sgioba anns a' chiad earainn dhen chonsart, ach an dèidh sin, cha robh teagamh ann nach cualar sàr sheinn fhear, a thug beò spiorad an taigh-chèilidh. Sheinn iad le tuigse 's le smachd, gu togarrach anns na puirt, agus le spionnadh am pailteas ann an Òran Mhanitòba agus Chunnaic mise mo leannan, agus chòrd iad gu mòr ris na bha an làthair. Còrdaidh iad cuideachd ri neach a chluinneas iad air an CD.

B' àbhaist do dh'Iain Hardie a bhith sa chòmhlan Jock Tamson's Bairns. Fhuair e cothrom rannsachadh a dhèanamh air fìdhleireachd Appalachia, agus sann ás a-sin a thàinig an dòigh cluichd a tha e a' cleachdadh air an CD Westringing (IJHCD001).

Tha an fhidheall air a gleusadh ann an dòigh a tha eadar-dhealaichte on àbhaist an-seo, 's chan eil Mgr Hardie a' cleachdadh ceòl-taic ach na tha e fhèin a' cruthachadh air teudan ìsle na fìdhl' aige fhèin. Se CD fìor inntinneach a tha seo, a tha loma-làn de dheagh chluichd. Is math as fhiach èisteachd ris an dòigh sa bheil e cluichd an t-seat le The Rejected Suitor / Malcolm the Tailor / Captain Lachlan MacPhail of Tiree agus The Arthritic Reel.

Còrdaidh Westringing gu mòr ri daoine aig a bheil ùidh ann am fìdhleireachd 's anns na ceanglaichean eadar ceòl Alba 's Appalachia. Ach ann an linn far a bheil a' mhòrchuid cho eòlach air a bhith daonnan a' cluinntinn ceòl-taic, dh'fhaodadh e bhith doirbh èisteachd ri faisg air uair an uaireadair de dh'fhìdhleireachd a tha ás aonais, math 's gu bheil a' chluichd.

Se Four on the floor a th' air an CD ùr aig a' chòmhlan Old Blind Dogs (Vert CD083). Is iadsan Aaron Jones, Rory Campbell, Jonny Hardie agus Fraser Stone. An-seo, gheibhear deagh mheasgachadh de dh'òrain agus ceòl ionnstramaid. Am measg nan sia òran a chluinnear, tha an t-òran aig Ewan MacColla Terror Time, anns an cluinnear deagh eisimpleir dhen alt a th' aig na balaich air seinn ann an co-sheirm. Cluinnear aon òran anns a' Ghàidhlig – Beinn a' Cheathaich, a th' air a sheinn le Rory Caimbeul, fear-ciùil tàlantach aig a bheil ceangal làidir ri Barraigh.

Is gann gu bheil còmhlan ceòl dualchais an-dràsta nach bi a' cluichd puirt ás a' Bhreatainn Bhig, 's mar sin cha robh e 'na iongnadh gun do nochd sreath dhiubh an-seo sa bheil fidheall agus fìdeagan a' dèanamh còmhradh gu fileanta car mu seach. Tha an clàradh air an CD seo daonnan a' leigeil leinn gach guth agus ionnstramaid a chluinntinn gu soilleir, agus is math as fhiach e èisteachd riutha gu dlùth.

Se ceòl glè eadar-dhealaichte a th' aig Phamie Gow air an CD ùr aice Moments of Time far an cluinnear i cluichd air a' phiana sreath de phìosan ciùil a rinn i fhèin. Fhuair i oideachadh o Raghnall Stevenson 's aig an RSAMD, 's tha i cuideachd air cliù a chosnadh mar cluichdeadair clàrsaich. Tha a' chluichd aice air an CD ùr seo air leth brèagha, le cluichd a tha fìor ghrinn 's làn faireachdainn, 's a tha dèanamh sàr fheum de na h-ìrean eadar-dhealaichte de dh'fhuaimean a gheibhear aig an dà cheann dhen phiana mhòr Steinway a tha i cluichd. Cluinnear deagh eisimpleir dhen alt a th' aig Phamie air fuinn bhrèagha a chruthachadh ann an Un Jour de Caroline agus ann an Annandale. Se ceòl làidir a th' air a chruthachadh le sàr mhac-meanmna a th' air an CD, agus b' fhiach a cheannach fiù gus èisteachd ri Remembrance a sgrìobh Phamie mar chuimhneachan air na chailleadh ann an cogadh, agus a tha dèante ann an cruth pìos de cheòl mòr. Tha e drùidhteach da-rìribh.

Bidh "Ceilidh Culture" an Dùn Èideann eadar 22 Màrt 's 13 Giblean – www.ceilidhculture.co.uk. Am measg nan seinneadairean Gàidhlig a bhios ann bidh Alasdair Codona, Alyth NicCarmaig, Julie Fowlis, Mairead Callan, agus Còisir Ghàidhlig Lothian.





The full article contains 1023 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 14 March 2008 11:25 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Banana Heid,

Ayrshire 15/03/2008 22:06:15
I didn,t understand this as I dont speak gaelic however I surmise it,s a discussion on Celtic Connections which is a brilliant festival which should be encouraged. I saw Phamie Gow a couple of years ago and she was braw. The Barras had tables and chairs on the dancefloor with wee candles on each table which was weird but kinda nice.
2

Gaire,

Highlands 17/03/2008 14:43:58
A Translation of the above article for you Banana Heid.


The Scotsman – Saturday 15th March, 2008
Gaelic Review column by Isabel T MacDonald

From making their way through Appalachia to ‘the heroes', the old blind dogs and the piano.

NEW MUSIC

Margaret Stewart – Togaidh mì mo Sheòlta
It was at the very end of Celtic Connections that we had the opportunity to listen to the new CD by Margaret Stewart, ‘Togaidh mi mo Sheòlta’, in its entirety (Greentrax TRAX311), although she performed many of the songs at her concert during the festival.

The album highlights the many different kinds of songs which exist in the oral tradition. Among the 17 tracks there is the Ossianic ‘Lay of the Black Hound’, which is rarely heard. There are also shorter ditties, such as the pibroch song ‘To Whom Belong Yonder White Cattle’ and the short light song ‘That Little Measure Has Gone To My Head’. We also have songs from some of the most renowned of 17th and 18th century Gaelic bards; ‘The Harp Key Fair’ by the Blind Harper and ‘The Battle of Falkirk’ by Duncan Ban Macintyre amongst them.

Many different kinds of emotions are served up to us with the choice of songs, something which gives strength to this CD, one which everyone who has an interest in Gaelic song should have.


MAK & na Seòid at Celtic Connections
It was at the end of the festival that the new CD ‘Mary Anne Kennedy and na Seòid’ from Watercolour Music appeared, and they performed at a concert which was quite interesting.
There are seven of na Seòid; young men who are all very different in their singing styles and their voices. This affected their singing as a group in the first half of the concert, but after that there was no doubt that some excellent male singing was being heard, which brought to life the spirit of the ceilidh-house. They sang with understanding and control, animatedly in the mouth-music and with pluck a-plenty in ‘A Song of Manitoba’ and ‘I Saw my Beloved’, and they were muc

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.