Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Monday, 8th September 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Ceòl na Trumba ga chluinntinn an eilean an fhraoich



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 14 June 2008
THILL am milleanair Ameireaganach Dòmhnall Trumb a Leódhas Di-Luain, a' chiad uair a bha e san eilean o bha e trì bliadhna dh'aois.
Chaidh e fhéin 's a phiuthar, am britheamh feadarail Maryanne Trump Barry, còmhla ri cuid de na co-oghaichean aca, a choimhead air an taigh, 5 Tunga, far na thogadh am màthair, Màiri Anna NicLeòid. Cha tug iad ach trì mionaidean ann. Ma bha teatha ag
us sgona aca cha tug iad fada gan slugadh.

Bha iad còmhla ri cuid de na co-oghaichean aca. Sann le dithist dhiubh, Uilleam agus Alasdair Moireach, a tha an taigh an-diugh.

Thuirt an Trumb: "Chòrd e rium glan an taigh fhaicinn. Bha mi cluinntinn mu dheidhinn fad mo bheatha. Tha e nas lugha na tha cuimhn' agam. Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil e ceud bliadhna dh'aois. Tha e coimhead math dha-rìreabh."

Rugadh Màiri Anna NicLeòid ann an 1912, an seachdamh duine cloinne aig Calum MacLeòid agus Màiri Nic a' Ghobhainn. Air sgrìob gu New York ann an 1930 thachair i ris a' chlachaire Fred Trump agus phòs iad ann an 1936. Thàinig esan gu bhith air aon den luchd-leasachaidh as motha sa bhaile. Bha cóignear chloinne aca. Dh'eug Fred ann an 1999 agus Màiri Anna ann an 2000.

Bha tìde aig an Trumb sùil bheag a thoirt air Caisteal Leódhais agus coinneachadh ri Comhairle nan Eilean Siar. Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri ùidh a thogail aige anns a' Chaisteal, aig an robh an dà latha. "Chuala mi gu bheil rudeigin an inntinn na Comhairle mu dheidhinn," ars an Trumb. "Is cinnteach gun toir sinn sùil air. Caisteal brèagha a th' ann. Có aige a tha fhios!"

Thuirt e cuideachd gun toir e sùil air buidhnean ionadail carthannais a chuideachadh, ach dhiùlt e an tuilleadh a ràdh.

Thuirt iar-neach-gairm na Comhairle, Aonghas Caimbeul, "Bha sinn fìor thoilichte Mgr Trump fhaicinn an-seo. A réir coltais bha ùidh aige ann am pròiseact a' Chaisteil agus thug sinn tuilleadh fios dha. Thuirt e gum faigheadh e air ais thugainn mu dheidhinn. Tha sinn a' gabhail fadachd ri faicinn càit an toir siud sinn."

As déidh dà uair a thìde san eilean lean an Trumb air a dh'Obar Dheathain son a' chiad latha den Rannsachadh Phoblach mun oighreachd thaigheadais agus golf a tha e ag iarraidh a thogail air chosgais billean not. Ach gheall e gun till e a Leódhas còmhla ri mhac, Barron, aois 2½.

DHÙIN stailcean dhràibhearan làraidh agus iasgairean an aghaidh àrdachadh phrìsean connaidh iomadh port-mara san Fhraing agus san Spàinn. Chum seo bàtaichean nan Eilean Siar ann an caladh gun dòigh am bathar aca a thoirt gu margaidean Eòrpach.

THA an dàrna leth de chloinn fo aois 13 sna h-eileanan air deoch làidir òl, a réir aithisg o Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar 's o Sgioba Ghnìomha nan Drogaichean 's na Deoch Làidir.

THÀINIG a' bhuidheann còmhdhail HITRANS don cho-dhùnadh ann an aithisg nach b' fhiach bathar a ghiùlain air canalaichean na Gàidhealtachd mar iomairt gus làraidhean a thoirt bhon rathad gun taic airgid a thighinn bhon riaghaltas.

CHAOCHAIL Ryan Rothach, 18, bho Hudaman (neo Hopeman) aig an fhéis chiùil Rockness ri taobh Loch Nis Di-Sathairne seo chaidh.

THATHAR an dùil gum bi puirt-adhair an taobh tuath gan dùnadh ma théid stailc luchd-smàlaidh nam port adhair air adhart an déidh do chòmhraidhean eadar riochdairean an luchd obrach agus an luchd stiùiridh briseadh sìos.

SHEALL cunntasan Stòras Uibhist barras £200,000 aig deireadh a' chiad bhliadhna bho chaidh Oighreachd Uibhist a Deas a cheannach leis a' choimhearsnachd.






The full article contains 677 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 13 June 2008 10:35 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

,

23/06/2008 15:14:21
Comment Removed By Administrator
Reason:

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.