SAOILIDH mi gur e Eilean an Ionmhais agus Sgeulachdan Mhic an Teòsain na leabhraichean comaig Gàidhlig mu dheireadh a leugh mi, 's ged a bha iad math fhéin tha mu 40 bliadhna on uair sin.
Bha sinn fada a' feitheamh ma-thà ri Gnothach Annasach an Dr Jekyll is Mhgr Hyde (Waverley Books, £6.99). Ach b' fhiach e. Oir tha a h-uile rud mu dheidhinn air leth profeiseanta: an sgeul aig Stevenson, a tha san àite dhorcha sin far a bheil Franke
nstein, Sherlock Holmes agus Metamorphoses Ovid a' coinneachadh; an giorrachadh a rinn Ailean Grannd dheth; na dealbhan dathte aig Cam Ceanadach; agus a' Ghàidhlig ghasta aig Iain MacDhòmhnaill.
Còrdaidh Gnothach Annasach ri inbhich 's ri clann àrdsgoile. Tha e ri fhaotainn an Albais agus am Beurla cuideachd 's tha sin ga fhàgail 'na ghoireas do luchd ionnsachaidh. Bidh sinn a' léirmheasadh leabhar-comaig eile bhon aon stàball, Fo Bhruid (Kidnapped ann an Gàidhlig) a dh'aithghearr.
Tha Màiri Anna NicDhòmhnaill, Cleas Sgàthain (Clàr, £8.99), mu mhetamorphosis cuideachd, ach chan e idir am math 's an t-olc. Tha e 'na rannsachadh dibhearsaineach anns a' chuspair: "Na meas daoine a réir an coltais."
Tha Iseabail 's Catrìona 'nam peathraichean leathaoin, aois 29. Tha iad cho coltach ri chéile ri dà ugh. Ach tha Iseabail 'na luch bhaile 's Catrìona 'na luch dhùthcha. Tha Iseabail 'na deasaiche aig foillsichear ann an Lunnainn 's tha Catrìona ag obrachadh croit an teaghlaich ann an Uibhist. Aontaichidh iad àite a-chéile a ghabhail air son cola-deug, agus tha an nobhail mun spòrs a thig ás.
Tha cruth-atharraichean eil' ann. Tha ùghdar aig na foillsichearan, Evander MacCrimmon, a tha leigeil air g'eil e 'na Ghaidheal ás na h-eileanan, ach tha Catrìona ga aithneachadh: chan eil ann ach Bill Smith á Bearsden a bha bliadhna foidhpe an Cnoc Iòrdain. An té shàmhach le seud 'na sròin, Miriam, a tha os cionn Spioradalachd na h-Àirde 'n-Ear dha na foillsichearan? Á Port Mholair san Rubha, ach "'s ann à Peshawar a bha mo sheanmhair". Agus tha Iseabail a' faighinn a-mach nach i Auntie Marion aice fhéin an Auntie Marion as cuimhne leatha!
Can "aoir" ri seo ma thogras tu. (Tha Hyde cho math ri Jekyll anns gach duine againn, 's mar as motha de chomataidhean cur-an-dreuchd sann as eu-coltaiche gur e an duine ceart a gheibh an dreuchd.) Ach tha Màiri Anna NicDhòmhnaill math air iomadh rud eile. Fealla-dhà. Ìoranas. Iongnaidhean. O, agus conaltradh – na diofar dhòighean a théid, no nach téid, aig daoine air eòlas a chompàirteachadh an-diugh.
Mar sin, ma chì thu Cleas Sgàthan sna bùthan, coma leat an dealbh-còmhdaich suarach, tha nobhail fìor mhath air a chùl – ceannaich i, còrdaidh i riut.
Ma tha ùidh agad ann an obair Sgoil Eòlais na h-Alba, bidh ùidh agad ann an Oral Literature and Performance Culture (John Donald, £45), àireamh 10 san t-sreath A Compendium of Scottish Ethnology. Tha 32 aiste ann, air an sgrìobhadh le diofar sgoilearan, 's air an roinn 'nan trì earranan: (1) seanchas agus bàrdachd; (2) ceòl agus òrain; (3) danns agus dràma. Tha feadhainn aca mun Ghàidhlig a-mhàin (tha iad seo air leth pailt ann an earrann 1), tha feadhainn mu dhualchas na Gàidhlig 's na Beurla còmhla, 's tha feadhainn nach eil a' gabhail gnothaich ris a' Ghàidhlig idir.
Se prìomh fhàillinn an leabhair cho beàrnach 's a tha làimhseachadh na Gàidhlig. Gabhamaid earrann (3) mar eisimpleir. 'Na aiste mu cheòl "ealain" tha pailteas aig William Sweeney mun Ghàidhlig. 'Na aiste mu chluichean cloinne chan eil dad aig Alasdair Roberts (deagh charaid don chànain) mun Ghàidhlig. Tha seo 'na chall eagalach oir tha cruaidh fheum aig luchd foghlam bunsgoile air rannsachadh ann an cluichean cloinne Gàidhlig 's chan e idir nach eil na cruinnichidhean ann. Tha deagh chuid mu dhualchas nan Gaidheal san aiste mun danns, ach chan eil a' chànan fiùs air a h-ainmeachadh nuair thigear gu dràma, ged tha (a-rithist) cruaidh fheum air breithneachadh air a' chòrr agus ceud bliadhna de dhealbh-chluichean, de dh'actadh, de dh'fharpaisean 's de chomainn dràma o stéidhicheadh An Comunn Gaidhealach.
Tha aon aist' eile san earrainn seo, "The Seasonal Folk Drama Galoshins in Southern Scotland". Sann le tlachd mór a leugh mi a h-uile facal dhith, oir bha mi faicinn ceanglaichean beaga air a feadh ri oidhche Challainn – nach robh air a h-ainmeachadh idir! Ach sin an diofar eadar compendium agus encyclopedia. Tha e ceart, aig an ìre seo, gu bheil roghainn fharsaing de sgoilearan a' cantainn nas aithne dhaibh. Aithnichear an uair sin na beàrnan, togar na drochaidean, agus sgrìobhar an encyclopedia.
Nise gu na h-aistean mu chùisean Gàidhlig. Tha trì leis an Dr Iain MacAonghuis, a dhà le Iain Seadha, agus aonan an duine le Dòmhnall Meek, Mórag NicLeòid agus Dòmhnall Uilleam Stiùbhart. Dhe na trì aig MacAonghuis saoilidh mi gur i an té mu na h-òrain luaidh as fheàrr. Nì eile a chòrd rium glan se na bh' aig NicLeòid ri ràdh mun ghibht phrìseil a thug an t-Urr. Uilleam MacMhathain do sheinn na Gàidhlig: "He … combined his own knowledge of the tradition with tunes from manuscripts and old collections …" San aist' aige air pìobaireachd tha Iain MacAonghais a' BhBC a' tighinn faisg air an aon nì a ràdh mu Ailean Dòmhnallach.
Tha an Stiùbhartach briathrach, ach tha na chanas e mu na ceanglaichean eadar beul-aithris agus eachdraidh cudromach, ùr, cruaidh-bheumnach agus deagh-shamplaichte: tha na "peculiarly abstract, desiccated … historical paradigms constructed for the Gàidhealtachd" 'nam "monolithic, monophonic models increasingly anomalous in western historiography, quite blithely unaffected by the social and cultural approaches which have proved so popular and influential elsewhere over the past two generations …" Buidhe dha.
The full article contains 1053 words and appears in The Scotsman newspaper.