Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Saturday, 19th July 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Mar thèid sgrìobhadh math a bhrosnachadh



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 08 March 2008
SAN t-Sultain an-uiridh sgrìobh còrr agus ceud sgoilear Gàidhlig fo aois 15 sna h-Eileanan an-Iar aiste ann an co-farpais air aon de cheithir cuspairean: "A' Sealltainn Romham", "Blàthachadh na Cruinne", "Chan eil Feum sam Bith sa Ghàidhlig", no "Leabhar no Bàrdachd a Chòrd Rium".
Chuireadh an iomairt air chois le Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, le aonta bho Chomhairle nan Eilean Siar fo stiuireadh Catrìona Dunn, ceann na Seirbheis Foghlaim. Tha an iomairt a' comharradh 30 bliadhna bho stèidheachadh an Urrais mar bhuidheann ch
arthannais. A rèir na làraich lìn aca – www.glpt.org.uk – se am prìomh amas aca a bhith "a' brosnachadh 's a' liubhairt teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh na cànain anns gach roinn anns a bheil sin iomchaidh".

Thug an cathraiche, Màiri Sandeman, seachad na duaisean aig coinneamh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo chaidh.

Cha robh aig a' chloinn ach uair a thìde sgrìobhaidh. Is dòcha gun tug seo cuimis agus soilleireachd air am beachdan. Thug tè beachd pongail air blàthachadh cruinne a' cleachdadh briathrachas coileanta a dhearbh rud a sgrìobh farpaiseach eile, "Tha a' Ghàidhlig glè fheumail anns a h-uile cuspair."

Sna h-aistidhean air "A' Sealltainn Romham", a tharraing mòran, bha smuaintean nan òganach a' suathadh ri iomadh rathad, ann an dòighean a bha cleachdadh am mac-meanmhainn gu math farsaing. Thug aon nighean dealbh air na bha i an dùil a thachradh rithe, ann an cruth uirsgeul, ach le blas na 21mh ceud; an dèidh dhi fàs an-fhoiseil aig an taigh, shiubhail i an saoghal mar chailleach dhubh! Ach cha do chòrd seo rithe fada, oir bha a bean-chòmhdhail, Murtag, cailleach dhubh eile, "gam chur droll a' seinn òrain S-Club 7"!

Nochd mòr ghliocas ann an sgrìobhadh tè eile, mar a mhìnich i dualchas, dòigh beatha agus ceanglaichean dìomhair eadar pàrantan, clann agus co-aoisean a bha dhìse ga stiùiridh chun a' chreidimh Chrìosdail. "Bidh iad a' ràdh gum bi eachdraidh a' tachairt a-rithist 's a-rithist ann an teaghlaichean."

Tha na h-uile a ghabh pàirt ri'm moladh gu mòr, a bharrachd orrasan a fhuair na duaisean foirmeil, agus cuideachd iadsan a thug taic dhaibh anns an dachaigh 's an sgoil.Tha mi an dòchas nach bi fada gu'm faighear cothrom air cuid mhath dhe na h-aistidhean fhaicinn ann an clò.

B'i Kerry Anna NicLeòid, 15, Àrdsgoil MhicNeacail, a ghlèidh a' chiad duais (£300 agus cuach). Bha Laura NicSuain á Sgoil an Tairbeirt san dara àite.





The full article contains 466 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 07 March 2008 10:45 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.