Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Tha na taghaidhean Eòrpach nas cudromaiche na riamh

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 30 May 2009
GED a tha a' mhòrchuid de luchd bhòtaidh san Roinn Eòrpa coma co-aca mu na taghaidhean Eòrpach a thèid a chumail an ath sheachdain, cha bu chòir dhaibh, oir tha riaghailtean agus stiùireadh bhon Chomisean Eòrpach a' toirt laghan dhuinn ann an caochladh raointean, agus cuid a luchd poilitigs ann am Breatainn a' cumail a-mach gu bheil còrr agus 70 ás a' cheud den reachdas againn a' tighinn bhon Roinn Eòrpa a-nis.
Cha do bhòt ach 38.9 ás a' cheud de bhòtairean Bhreatainn ann an taghaidhean Eòrpach 2004, agus tha a h-uile coltas ann nach bi mòran a bharrachd, no nas lugha fiùs, a' bhòtadh air 4 Ògmhios. Mus robh guth air masladh nan cosgaisean aig Westminster b
ha fathannan agus fianais gu leòr air foill agus coirbeachd am measg buill phàrlamaid Eòrpach a mhill ìomhaigh na pàrlamaid acasan.

Tha geallaidhean ann gun tèid an siostam an sin a leasachadh cho math ri siostam chosgaisean Taigh nan Cumantan. Agus tha beachd aig daoine cuideachd nach eil a' Bhruiseal a' toirt buaidh air am beatha làitheil, gu bheil an EC 's an EU fad ás – ach eadar àiteachas, iasgach agus seirbheisean smàlaidh fiùs, is iomadh dòigh sa bheil an Roinn Eòrpa a' toirt buaidh oirnn 's gar cuideachadh. Fo Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa 's Maoin Shòisealta na h-Eòrpa, gheibh a' Ghaidhealtachd 's na h-Eileanan £116 millean eadar 2007 agus 2013. Agus thug £3.5 millean bhon Roinn Eòrpa Ionad Eòlas Slàinte dhuinn an Inbhir Nis, far a bheil 240 duine ag obair. Se sin am pròiseact a fhuair an t-suim as motha de dh'airgead Eòrpach air a' Ghaidhealtachd no anns na h-Eileanan o chionn ghoirid, a rèir Riaghaltas na h-Alba.

Tha Alba a' dol a thaghadh sia buill a rèir Siostam an Riochdachaidh Cho-Roinneil, agus se as coltaiche gur iad na pàrtaidhean mòra a bhios gar riochdachadh san Roinn Eòrpa a-rithist, oir ged a tha coltas ann an Sasainn gum bi leithid an UKIP 's a' BhNP fiùs a' gleidheadh àiteachan anns a' Bhruiseal, chan eilear am beachd gum faigh gin de na pàrtaidhean beaga gu leòr taic an seo.

Mar sin, dè tha na pàrtaidhean mòra a' gealltainn?

A rèir Ian Hudghton, a tha aig bàrr an liost aig Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, "Cuide ri ministearan SNP ann an Riaghaltas na h-Alba bidh na buill phàrlamaid Eòrpach againn a' tabhainn guth làidir don Ghaidhealtachd 's na h-Eileanan – a' dìon ghnìomhachasan tradiseanta, leithid iasgach agus àiteachas, cho math ri taic a chur ri teicneòlas ùr. Seasaidh sinn còraichean na h-Alba nuair a nì an Roinn Eòrpa ath-sgrìobhadh air Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich. As dèidh deicheadan de dhroch stiùireadh, nì sinne spàirn chruaidh gus an gnìomhachas deatamach seo a neartachadh san àm ri teachd."

Thuirt Seòras Lyon bho na LibDeamaich: "Tha tòrr dhaoine, bho Dhùn Omhain gu Inbhir Pheofharain, air faighneachd dhomh san iomairt seo: car son a bu chòir an Roinn Eòrpa a bhith gu diofar dhòmhsa? Tha freagairt shìmplidh ann. Is dòcha nach eil fhios aig daoine, ach tha co-dhùnaidhean sa Bhruiseal a' toirt buaidh air ar beatha, gu sònraichte air a' Ghaidhealtachd 's na h-Eileanan."

Thuirt Mgr Lyon gun robh am pàrtaidh aigesan air seirbheisean smàlaidh ann an sgìrean iomallach a dhìon le bhith air ceann iomairt gus stad a chur air seachdain obrach 48 uairean-a-thìde air son luchd smàlaidh làn-thìde. Agus coltach ris na Nàiseantaich bha iad a' dol a dhèanamh strì air son còraichean iasgairean na h-Alba agus nan tuathanach.

Thuirt Catherine Stihler (Làb.), "Le econamaidh an t-saoghail ann an staing, tha na Làbaraich ag iarraidh bhith 'g obair còmhla ri càch gu cùisean a leasachadh. Chan fhaighear fuasglaidhean ris an staing an Alba a-mhàin. Feumaidh sinn obair feadh na Roinn Eòrpa gus deobaichean a chruthachadh ann an Alba. Thig barrachd cosnaidh an Alba an lùib barrachd malairt ris an Roinn Eòrpa."

Tha na Làbaraich ag iarraidh còraichean luchd-obrach a dhìon. Thug iad iomradh cuideachd air obraichean a dh'fhaodadh tighinn an lùib cumhachd ath-nuadhachail 's air an airgead a thigeadh ás an Roinn Eòrpa air a shon. Bhiodh sin gu buannachd na Gaidhealtachd cho math ri àite sam bith eile ann an Alba.

Agus thuirt an Tòraidheach Struan Stevenson: "Thairis air an 10 bliadhna a dh'fhalbh, rinn mi strì ás leth iasgach agus àiteachas na h-Alba. Bha mi ag iomairt gu sònraichte an aghaidh a' bheachd ghòraich toirt air daoine tagaichean a chur air caoraich, mar a dh'fheuch iad casg a chur air pesticides, agus riaghailtean faoin eile.

"Sna mìosan a tha romhainn bidh deasbadan mòra ann air buidseat Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais, agus bheirear crathadh mòr air Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich. Se mo mhiann gum bi còraichean Gaidhealtachd agus Eileanan na h-Alba air an dìon anns na deasbadan seo."

Bidh cothrom aig mu 375 millean Eòrpach bho 27 dùthchannan air buill a thaghadh an ath sheachdain gus an riochdachadh fhèin fad còig bliadhna: ann am pàrlamaid a tha a' sìor fhàs nas cudromaiche dhuinn uile.





The full article contains 969 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 29 May 2009 7:38 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

radge dug,

30/05/2009 09:27:25
Pios math. S math ann an doigh nach eil e toirt sanasachd dha na partaidhean 'craicte'. Ach, 's fhiach e lorg a-mach mu an deidhinn uaireannan!

'Euro Election or Magnet for Freaks'
http://tocasaid.blogspot.com/

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.