Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Tha tòrr cheistean cruaidhe aig Bòrd na Gàidhlig ri fhreagairt

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 11 April 2009
THA sluaghan aithnichte a rèir a' bhathair aca. Ged a tha Barack Obama againn a-nis tha fhathast cus droch bhathar telebhisean a' toirt cliù do dh'Ameireaganaich mar shluagh fèineil air a bheil rudeigin a dhìth a thaobh co-fhaireachdainn agus tuigse.
Gu fortanach tha an t-eadar-lìon 'na fhianais gu bheil Ameireaga eile ann. Feuch na h-òraidean bhideo aig www.Ted.com mar eisimpleir. Tha na h-òraidichean uile 'nam fìor eòlaichean, a' chuid as motha dhiubh aig bàrr an dreuchd. Tha iad uile furasta a
n leantail agus làn fiosrachaidh a tha da-rìreabh "inntinneach".

Tha ceòl agus bàrdachd ann cho math ri farsaingeachd de chuspairean bho na saidheansan, na meadhanan agus na h-ealain.

Le goireasan cho math sin ri fhaighinn an-asgaidh air an eadar-lìon tha ceist chudromach crochaichte os cionn telebhisean agus pàipearan naidheachd. Gu h-àraidh paipearan naidheachd.

Tha deagh mheasadh air an deasbad seo aig an neach dealbhachaidh Jacek Utko. Cuir ainm a-steach do rannsaichear YouTube agus chì thu bhideo dheth.

Se beachd sìmplidh a tha aig Utko. "Chan eil adhbhar prataigeach ann gum mair pàipearan naidheachd. Tha e nas fhasa compiutaran a chleachdadh – agus sàbhalaidh sinn craobhan."

A dh'aindeoin sin, chuir e roimhe a thàlantan a chleachdadh gus beagan beatha a bharrachd a chur air ais ann an grunn phàipearan naidheachd caran tùrsach, leithid Puls Biznesu ("Cuisle Gnìomhachais"). Bha an dealbhadh ùr aige cho soirbheachail 's gun do dh'àrdaich e àireamh luchd leughaidh Puls 30 ás a' cheud thar trì bliadhna. Chaidh Puls aithneachadh mar am pàipear naidheachd as fheàrr dealbhadh san t-saoghal.

Ged a tha www.Ted.com air a bhith ann beagan bhliadhnachan a-nis fhuair mise a-mach mu dheidhinn 's mu dheidhinn Puls Biznesu mun aon àm 's a fhuair mi a-mach gu bheil An Gàidheal Ùr air tighinn gu crìoch.

Se naidheachd glè dhuilich a tha sin oir bha fadachd agam gach mìos gus an leughainn na bha aig sgrìobhadairean leithid Aonghais Phàdraig Chaimbeul neo Joy Dunlop ri ràdh. Esan 'na fhear calma a sheasadh air son na bha e faicinn fìor ged chuireadh iad gu bàs bhàrd e. Ise a chuireadh gàire air aghaidh creige 's a thionndadh smuaintean feallsnachail ás na gheibhear ann am baga-làimhe boireannaich òig.

Tha e doirbh gun coimeas a dhèanamh eadar An Gàidheal Ùr agus Puls Biznesu agus a bhith co-dhùnadh nach eil mòran eatarra a thaobh cho math 's a tha iad a' coimhead. Chan e 's gun robh e riamh mar sin. An toiseach cha do chòrd fiùs an t-ainm ri daoine. Bha blas nan Làbarach Ùra dheth, agus blas a' chreidimh fhasanta gum b'e luchd ionnsachaidh a shàbhaileadh a' Ghàidhlig.

Ach mar thoradh air obair chruaidh thairis air bliadhnachan chaidh An Gàidheal Ùr 'na eisimpleir mhath de rud a rinn Gaidhil air son na Gàidhlig.

Tha e furasta a thuigsinn car son a tha an aon phàipear naidheachd Gàidhlig a tha againn ann an suidheachadh cho lag 's gu bheil e tur eisimeileach air airgead riaghaltais, ach gun mhìneachadh ceart bho Bhòrd na Gàidhlig cha ghabh a thuigsinn car son nach eil An Gàidheal Ùr a' faighinn maoineachadh gu leòr gus a neartachadh 's a leasachadh.

Cha chanadh deasaiche a' phàipeir, Murray MacLeòid, ach gu bheil e sgìth de dhèiligeadh ris a' Bhòrd, nach fhiach an dragh a tha 'na lùib tuilleadh.

Cluinnidh tu an aon sgeul aig mòran – gu bheil iad seachd searbh sgìth a' strì ri buidheann a bha iad an dùil a bh' ann air son an cuideachadh. Tha Art MacCarmaig 'na chathraiche làn thìde aig a' Bhòrd a-nis agus tha gach dòchas ann gun tèid aigesan, a tha cho fìor mhath air conaltradh, air mìneachadh gu mionaideach car son a tha BnaG ann agus gu dè tha iad an dùil a dhèanamh air son na Gàidhlig.

Bidh aige ri innse dè tha iad an dùil fhaighinn ás an làrach lìn ùr aca, www.mygaelic.net, aig cosgais £200,000, neo ás an £74,800 a thug iad, mas fhìor, do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte air a' Ghaidhealtachd air son soidhnichean agus bileagan fiosrachaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig fhad 's a tha banaltruim a' faighinn rabhadh gun a bhith bruidhinn ach Beurla ri chèile agus ri euslaintich.

Tha na meadhanan do-sheachanta do dh'iomairt chànanach sam bith. Ma tha ro-innleachd sam bith aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh nam meadhanan agus gu h-àraidh na meadhanan ùra, tha làn thìde aca sin a shealltainn dhuinn.

Mur eil iad comasach air goireas cho bunaiteach ri pàipear naidheachd beag mìosail a chumail a' dol gus litearachd a bhrosnachadh agus aithne Ghaidhealach a chur an cèill, bu cho math dhaibh dorsan na h-oifis mhòir aca an Inbhir Nis a dhùnadh agus na solais a chur dheth. Saoil am mothaicheadh duine nach robh iad ann tuilleadh?





Page 1 of 1

  • Last Updated: 10 April 2009 8:08 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

Sgithman,

Siorrachd Rois 12/04/2009 14:37:26
Ceolbeag, no an e Aonghas Mòr a th' annad?

Chan eil fhios agam dè tha a' dèanamh dragh dhutsa an seo agus san Inverness Courier. Nach tuirt am Bòrd (anns a' Herald) air an t-seachdain seo gu bheil iad ag amas air a bhith na bu dlùithe ris na coimhearsnachdan agus gu bheil iad gu bhith a' cumail cuid de na coinneamhan aca ann an Uidhist agus anns an Eilean Sgitheanach? Toiseach tòiseachaidh nech e?

Tha thu fada, fada ro chruaidh ag ràdh nach eil 'na doaine sin' a' bruidhinn riutsa agus ri daoin' eile anns a' choimhearsnachd. A bheil sibhse air bruidhinn riuthasan? An do thog thu fòn a-riamh do Bhòrd na Gàidhlig airson bruidhinn ri duine aca?

Chanainn gun cuireadh a leithid Art MacCarmaig (nach eil na 'college boy' ge brìgh dè tha sin a' ciallachadh) fàilt' air conaltradh seach càineadh gun adhbhar. Mar a tha Seon Caimbeul ag radh, the e math air a leithid agus tha fhios gum biodh e a' cumail sùil air blogs is eile oir tha e air pàirt a ghabhail ann an cuid dhiubh a' cleachdadh ainm fhèin. Chan eil eagal aige ro dheasbad nas moth bhon eòlas a th' agamsa air.
2

Sgithman,

Siorrachd Rois 12/04/2009 16:10:10
Obh, obh a Chiùil Bhig, tha rudeigin gad ithe! Tha fhios 'm le cinnt nach deach Art MacCarmaig faisg air oilithigh no colaiste a-riamh. Dè bhiodh tu ag iarraidh? Bòrd a tha 'Right Wing' agus 'Tory'? Dè bu thoil leatsa fhaicinn? A' Ghàidhlig air a fàgail gun taic sam bith bho Bhòrd no buidheann sam bith, no bhon riaghaltas?
3

Sgithman,

Siorrachd Rois 12/04/2009 18:22:11
Tha thu às do chiall a bhodaich! A bheil thu fhèin cho siubhlach sin 's nach biodh agad ri 'eh' a ràdh idir, idir nuair a bhios tu a' bruidhinn?

Nach eil thu a' smaoineachadh gun gabhadh obair mhath a dhèanamh fhathast sna coimhearsnachdan le Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, CLÌ, Fèisean nan Gàidheal is eile nam biodh iad uile ag obair còmhla? No am biodh e na b' fheàrr cùisean fhàgail aig an t-sluagh a tha a' cleachdadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan? Tha gu leòr air a bheil mi fhìn eòlach, agus clann aca, nach eil deònach idir a bhith ga bruidhinn nam measg fhèin no ris an cuid chloinne. Ma tha daoine anns na h-Eileanan ag iarraidh gum biodh a' Ghàidhlig buan, tha còir aca tòiseachadh ga bruidhinn a-rithist. Tha an comas aca, 's dòcha, ach chan eil am miann aca. Nach bu chòir dhuinn uile a bhith a' feuchainn ri an inntinnean atharrachadh?
4

Sgithman,

Siorrachd Rois 12/04/2009 21:16:49
Nach eil thu dean bheachd nach eil spèis aig òigridh nan Eilean dhan chànan aca fhèin agus gun gabhadh sin atharrachadh le bhith a' toirt dhaibh adhbhar spèis a thoirt dhi agus obair far am biodh aca ris a' Ghàidhlig a chleachdadh?

Tha mi 'n dòchas gun tèid gu math dhut fon cloiche mata ach, anns an dol seachad, chan eil mise a' faighinn mo chosnadh bhon Ghàidhlig. Tha mise, mar a tha thu fhèin, ga cleachdadh gu nàdarra a h-uile latha dem bheatha sa choimhearsnachd agam fhìn air tìr mòr na Gàidhealtachd far a bheil gu leòr fhathast a tha deònach a bhith ga bruidhinn rium!

Mar a chanadh tu fhèin, a bhodaich, adios agus amen .....

5

Gràisg,

Inbhir Narann 12/04/2009 21:34:21
'S bochd nach robh BnaG bruidhinn ris a' choimhearsnachd air loidhne mus do thoisich iad Mygaelic.com. a chur air bhog. 'S bochd gu dearbh! Thàinig mygaelic mar chlach as an adhair dhan a h-uile duine.
Cuir na gearr-chùnntasan air loidhne agus an uair sin bidh fhios againn uile far a bheil an ath £250K a' dol agus dè dìreach a tha fa-near don bhòrd.
Nach ann mar sin a bu chòir a h-uile càil a bhiodh?
Art, cuir diomhaireachd BnG dhan t-sitig!




 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.