Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Boinne ann am beul na gaoithe

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 17 May 2008
CHAOCHAIL coidse ainmeil Celtic, Tommy Burns, 51, a bha fulang dà bhliadhna le aillse.
A RÉIR aithisg on Oll. Mark Shucksmith, bu chòir cur ás do Chomisean nan Croitearan agus daoine a chumail bho bhith a' reic an cuid chroitean.

AN DÉIDH aithrisean a thighinn á ceàrnaidhean iomallach Sìona far an do lean crithean-talmhainn nas lugha an té mhór Di-Luain, tha àireamh nam marbh air éirigh gu lethcheud mìle.

THA Bòrd Margaidheachd Clòimh Bhreatainn an dùil gun éirich prìsean clòimhe eadar 200 agus 600 ás a' cheud am-bliadhna.

THUIRT Mìcheal Ruiseal, Ministear na h-Àrainneachd, gu bheil an Riaghaltas deònach oighreachd Taobh Siar na Hearadh a reic ri muinntir an àite.

THÉID an dàrna cuairt de thaghadh ceann-suidheil Zimbabwe a chumail air 27 Ògmhios. Bidh Raibeart Mugabe, 84, a' feuchainn ri a ghreim air cumhachd a chumail ged a tha atmhorachd a' ruith aig 165,000 ás a' cheud.

A' LEANTAIL co-dhùnadh Àrd Chùirt Shasainn, bidh aig buill phàrlamaid Westminster ri cosgaisean dàrna dachaighean a chur am follais bho seo air adhart.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 16 May 2008 11:49 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Paul R,

30/05/2008 14:56:47
wibbly wobbly bear face

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.