Published Date:
17 May 2008
CHAN fhaodar a ràdh gu'm bheil a' Ghàidhealtachd ri móran adhairt a thaobh cosnaidh no teachd-an-tir, ach tha i air a rathad chum beartais m'a leanas cùisean air dol a réir is mar a tha an aomadh an ceartair. Dh'fhalbh latha nan croitean beaga, agus beannachd leis. Cha d'thug e riamh móran sonais no comhfhurtachd do'n phobull, agus dh'fhàg e iad gu minig na bu mhiosa na fhuair e iad.
'Na àite tha tighinn là nan sgeumanna móra – nan oib-richean-uisge gun choimeas, nan gabhalachan chaorach o chuan gu cuan, agus, theag-amh os ceann na h-uile nì, cur coille le ùghdarras agus aig cosdais na Stàid. As déigh sin, tha am pailteas airgid ri sholar le bhi ag ullachadh fa chomhair luchd turuis, le bhi cur rathaidean agus ceidh-eachan an òrdugh agus le bhi togail thighean gu bhi 'gan suidheachadh air coigrich ré an ràidhe shamhraidh. So na dòighean 'sam bheil adhart ri dheanamh agus chan ann le bhi leantainn nan seann slighean no le bhi creidsinn nan seann ghisreag – gu'm bheil buannachd anns an fhearann do dhream gun anabarr airgid. B'fhearr gu'm b'fhìor a chaochladh sgeoil, ach feumar cùisean a ghabhail mar a tha iad is chan ann mar a dh'fhaodadh iad a bhi.
-
Last Updated:
16 May 2008 11:50 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh
-
Related Topics:
Gaelic language