Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Trì diofar dhòighean air a' Ghàidhlig a làimhseachadh

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 07 November 2009
O CHIONN grunn bhliadhnachan sgrìobh an sgoilear Ameireaganach Michael Newton (a tha a' teagasg an-diugh an Oilthigh Francis Xavier ann an Antigonish, Alba Nuadh) leabhar mu dhualchas nan Gaidheal, The Handbook of the Scottish Gaelic World, anns an robh beachdan mu chor na Gàidhlig a bha caran làidir dhan stamaig aig cuid. Thàinig e a-mach mu dheireadh ann an Éirinn.
Tha Newton a-nis air a' Handbook a leudachadh agus a "ghlanadh" agus tha Birlinn air a thoirt a-mach mar Warriors of the Word: The World of the Scottish Highlanders (£20). Tha mi a' cur fàilte bhlàth air.

Se stéidh an leabhair cumhachd an fhacail
am measg nan Gaidheal. "This book," tha an t-ùghdar a' mìneachadh, "is primarily about the mental and social world of the Gaels, focusing especially on the period when independent clans held sway in the Highlands, from the twelfth century to the eighteenth." Mar sin, chan eil an t-Sàbaid fiùs air a h-ainmeachadh.

Tha ochd caibidealan ann: cuspairean ann an eachdraidh na h-Alba, féin-aithne nan Gaidheal mar shluagh, litreachas agus beul-aithris, na cinnidhean, a' bheatha phearsanta 's an teaghlach (rudan mar ainmean, aodach, slàinte, biadh), creideamh 's na sìthichean, ceòl, òrain, danns, 's mu dheireadh human ecology (nàdar 's an àrainneachd). Tha "Conclusions" ann nach eil 'nan co-dhùnaidhean idir anns an t-seagh sgoileireil (tha iad loma-lom chuotaichean ùra) ach 'nan searmoin. Aig an deireadh tha cruinneachadh beag feumail de bhàrdachd Ghàidhlig.

Se dùthaich Newton am fàsach far a bheil litreachas, eachdraidh agus beul-aithris a' coinneachadh. Ged a tha e déidheil air eòlas a shealltainn ann an diagraman chan eil e 'na anthropologist. Se an dòigh obrach aige sgeulachdan, seanfhacail, blòighean òran 's cuotaichean a chruinneachadh on leughadh aige (a tha mór agus farsaing) agus an cur an òrdugh air gad a sheanchais.

Chan eil Warriors of the Word 'na leabhar-scrapaichean; shaoilinn gun robh am facal compendium car mì-chneasta cuideachd mur b'e gur e sin a chanar ris air a' chòmhdach cùil. Tha e làn fiosrachaidh, làn eisimpleirean, an-còmhnaidh cinnteach, encyclopaedic. Ged as e argamaidean a tha Newton a' cur air adhart fad na tìde chan eil faclan mar "I would argue" neo "he claims" neo "she thinks" a' nochdadh idir. Tha fios agad 's tu ga leughadh gur iad na Gaidhil balaich nan adan geala agus sin e. Tha iomadh mearachd bheag ann ach tha an dealbh mór slàn – agus nach e sin a tha a' cunntas?

Saoilidh mise gum bi àrdsgoiltean, colaistean agus oilthighean deònach Warriors of the Word a mholadh mar threòraiche luachmhor do shaoghal tradiseanta nan Gaidheal.

CHAN eil àite air Ghaidhealtachd buileach coltach ri Lios Mór. Tha e 'na eilean réidh, uaine. Tha beanntan àrda gu leór ri fhaicinn – ach tha iad uil' an àiteigin eile. Gheibh thu ann ás an Òban ann an nas lugha na uair a thìde.

Thug mi dà latha ann o chionn ghoirid, thachair mi ri tòrr dha na h-eileanaich 's bu gann facal Beurla a chuala no a bhruidhinn mi air feadh na cuairte. Rinn muinntir Chomann Eachdraidh Lios Mòr an t-uabhas san deich bliadhna sa chaidh gus an dualchas aca a chumail beò gu bràth: taigh-tasgaidh brèagha ùr agus trì leabhraichean.

Se Robert Hay, Lismore: The Great Garden (Birlinn, £20) an treas fear. Tha Hay 'na eòlaiche àiteachais gun Ghàidhlig. Ann an dòigh comasach, inntinneach, rud beag tioram, tha e toirt sgrìob tro eachdraidh an eilein o Linn na Cloiche. Chan esan as coireach gu bheil Lios Mòr air chall sa cheò ann am meadhan an leabhair – chan eil ann ach eilean beag, agus fad cheudan bhliadhnachan chan eil móran aig eachdraidh sgrìobhte ri innse dhuinn mu dheidhinn.

An coimeas ris a' chiad leabhar mun eilean, Lismore in Alba leis an Urr. Iain MacilleMhìcheil (1947), no ris a' mhórchuid de dh'eachdraidhean sgìreil, tha rudeigin a dhìth air Lismore: The Great Garden – caibidealan air ainmean-àite, air caractaran, air litreachas, air beul-aithris, air creideamh. Tha Hay a' faicinn siud 'na leabhar air leth: "The most pressing need is for a history of the role of the island in fostering the Gaelic language."

Chan eil mise ag aontachadh. Chaidh pàirt dheth a dhèanamh mar-thà anns na dh'fhoillsich Mairead Lobban agus Dòmhnall MacilleDhuibh. Chan eil reusan nach gabh brìgh na chruinnich iadsan fhilleadh a-staigh, ri tìde, do leabhar Hay gus làn dealbh cruinn a tharraing den eilean. Rinn e tòiseachadh math.

MAR bu thrice cha b'e leabhar mu eachdraidh nàdarra an cupa tea agamsa ach bha mi air mo bheò-ghlacadh le John A Love, A Natural History of St Kilda (Birlinn, £20). Tha fios aig Love mar a thogas e ùidh an "leughadair choitchinn". Chan eil an leabhar mu ainmhidhean 's eòin a-mhàin ach mu dhaoine cuideachd – an dà chuid na Hiortach fhéin 's feadhainn eile a-nuas tro na linntean a bha ceangailte ri Hiort san fharsaingeachd no ri ainmhidhean 's eòin Hirt gu h-àraidh.

'Nam measg tha Alastair MacilleMhìcheil, agus chan eil Love a' deanamh dearmad idir air a' Ghàidhlig. Tha i a' togail a cinn uairean far an lugha bhiodh dùil rithe. Tha na leanas, mar eisimpleir, sa chaibideal "Vegetation"!

Dhòmhnaill uallaich MhicGillÌosa

Bha uair a bha thu strì rium

Ach on thàinig an tighearn' Ìleach

Sguir mi dhed bhrìodal beòil.

Mo ghaol òigear a' chùil duinn

Dhan tug mi mo loinn cho mòr.

Tha caibidealan ann mu Mhàrtainn Màrtainn 's mu mhinistearan. Chòrd an té mun ghearrbhall, an great auk, riumsa gu h-àraidh, ach tha rudan tarraingeach sa h-uile h-àite. Tha sùil Love ri annas mar tha sùil sgairbh ri iasg. Cuideachd, tha an leabhar làn de sgeidsichean 's de dhealbhan-camara mono agus dathte. Abair traoit!





Page 1 of 1

  • Last Updated: 06 November 2009 10:51 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.